Taing do shealbh dha BBC ALBA aig àm na Bliadhn’ Ùire, le Murray MacLeòid
and live on Freeview channel 276
Mar chuideigin aig a bheil Gàidhlig, chan eil mi a’ dol a dh’iarraidh leigseul sam bith ma tha na corragan a’ dol cha mhòr gun iarraidh chun an t-seanail far an cluinn mi cànan m’ àrach, cànan nam bàrd is a’ chiùil agus nan sgeulachd.
Nuair a thig e gu Oidhche na Bliadhn Ùire, co-dhiù, taing do shealbh dha BBC ALBA.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdMar a h-uile seanal eile, tha gu leòr de sgudal agus de sheann phrògraman air tron bhliadhna.
Ach, a-rèir choltais, tha iadsan a tha os a cionn air tuigsinn cho cudromach ‘s a tha prògraman ceart a bhith aig daoine agus iad a’ comharrachadh deireadh na bliadhna ann an cuideachd an teaghlaichean.
Ach, gu deimhinne, chan urrainnear an aon rud a ràdh mu sheanal Beurla na h-Alba, fiù ‘s le buidseat is goireasan is aithne tòrr nas motha.
Cha robh againn ri cur an àirde ri leithid “Only an Excuse” – a-rithist! – ach cha bheag feum a bha sin, oir na àite, bha sreath de phrògraman far an robh daoine ainmeil (co-dhiù nan saoghal fhèin) a’ brunndalaich mu cho cudromach ‘s bha agus a tha cultar na h-Alba. Chan fheumadh tu ach còig mionaidean a chaitheamh a’ coimhead air “Ooh the Banter” mus biodh tu air do shàrachadh glan.
Ach, bha cùisean gu math nas fheàrr air ALBA.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdBha prògram sònraichte aca mun Dr Hay ann an Ùig, Leòdhas. Chan e a-mhàin gun robh e na dhotair teaghlaich air leth, a’ coimhead às dèidh feumalachdan meidigeach na sgìre, ach bha e cuideachd a’ togail bhideoan is dhealbhan, a’ toirt seachad sealladh air a’ choimhearsnachd mar a bha.
Rudeigin coltach ri sin, bha Dùthchas; seann dealbhan fiolm bho na 60an is na 70an ann am Beàrnaraigh, a bha air am fighe a-staigh le agallamhan bho dhaoine san là an-diugh.
Cha robh càil dheth mu dheidhinn fèin-molaidh no mòr-chùis, dìreach sealladh inntinneach air mar a bhios coimhearsnachdan ag atharrachadh tro na ginealaichean. Bha e follaiseach, eu-coltach ri cuid eile, gun robh beagan de smuain a chur a-steach ann.
Agus an uair sin, bha Cèilidh na Bliadhna Ùire, le ceòl mìorbhaileach bho Chòmhlan Ciùil Ghlinn Fhionnainn – dìreach mar a dh’iarraidh tu airson bliadhna ùr thraidiseanta.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad‘S dòcha air an taobh eile gun do tharraing Edith Bowman is Lewis Capaldi an t-uabhas òigridh, ach chuirinn teagamh ann.
Tha an-dràsta iomairt a’ dol air adhart aison Albais a bhrosnachadh agus a bhith nas aithnichte – tha a bhith faicsinnich air telebhisean na phàirt dhen sin, còmhla ri oideachadh.
Chan eil càil agam-sa an aghaidh duine sam bith a tha airson cànan Rabaidh Burns is Doric a bhruidhinn agus fàgaidh mi e aig daoine aig a bheil fios tòrr nas fheàrr na tha agam-sa, an e cànan a th’ ann dha-rìribh seach dual-chainnt.
Ach, thug e bliadhnachan mòra dha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an ìre aig a bheil e an-diugh a ruighinn agus an cois sin, seanal telebhisein dhith fhèin, beag is gu bheil am buidseat. Feumar a bhith gu math faiceallach nach tig a h-uile càil a sin a chall ‘s a làgachadh le bhith a’ seasamh gu aon taobh airson àite a thoirt dha Albais.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha a’ Ghàidhlig air dearbhadh g’ eil i ann an iomadach dòigh nas fheàrr dheth na h-aonar.